Cliar - 'Si Nighean Mo Ghaoil, An Nighean Donn Òg
Translated lyrics of Cliar - 'Si Nighean Mo Ghaoil, An Nighean Donn Òg to
- 38 hits
- Published 2024-10-02 18:00:00
- 0 Comments
- 0 likes
- Cliar
- 'Si Nighean Mo Ghaoil, An Nighean Donn Òg
- Translation by: panzas
'Si Nighean Mo Ghaoil, An Nighean Donn Òg
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S i Màiri Nic Neachdain as dàicheile pearsa
Ghabh mis' uiread bheachd ort ri neach a tha beò
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Nuair sheallas mi t' aodainn 's mi 'n coinneamh ri t' fhaodainn
Gur math leam nam faodainn bhith daonnan ad chòir
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
On a thug thu dhomh gealladh 's ann duit-sa nach aireach
'S chan fhaic iad thu 'n ath-bhliadhn' ad bhanarach bhò
(Sèist)
Cha taobh i fear idir air eagal mo thrioblaid
'S cha toilich tè mise ach ise le deòin
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S i ribhinn a' bhaile tha sìor thighinn air m' aire
Nam bi rachadh mar rium cha d' fharraid mi stòr
(Sèist)
'S i nighean mo ghaoil
Bheir mis' thu Dhùin Eideann a dh'ionnsachadh Beurla
'S chan fhàg mi thu d' èiginn ri sprèidh an fhir mhòir
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
'S tu thogadh mo spioraid nuair a thèid thu air mhireadh
Le d' cheilearabh binne 's le grinneas do bheòil
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Leis na gabh mi de cheist ort am madainn 's am feasgar
Gun dèanainn riut cleasachd is beadeadh gu leòr
'S i nighean mo ghaoil an nighean donn òg
Dhèanainn dhut furan am bliadhna 's an-uiridh
Bu docha na 'n t-uireasbhuidh tuilleadh sa chòrr
(Sèist)
Por el momento, a nadie le gusta este artículo
Comments
Hey! You're in luck, no one has commented on this article yet. Be the first one and leave your comment.
You need to be registered to leave comments.
Log in with your user account and enjoy all the benefits.
Create your account ó Sign in / Log in